Cnàmhan Chinn a' Ghiuthsaich

Steafan Birch Image copyright Comhairle na Gàidhealtachd
Image caption Steafan Birch aig an làraich ann an Ceann a' Ghiuthsaich.

Tha sgrùdadh ga dhèanamh air cnàmhan a fhuaireadh ann an Ceann a' Ghiuthsaich feuch dè dìreach cho aosda 's a tha iad.

Thàinig na cnàmhan am bàrr ann an obair a bha a' dol air adhart air siostam uisge a' bhaile air Rathad a' Mhuillinn.

Bha Comhairle na Gàidhealtachd iar iarraidh gum biodh àrc-eòlaiche an làthair nuair a bha an obair aig Scottish Water a' dol air adhart is fios ann gun robh cladh eachdraidheil faisg air làimh.

A rèir àrc-eòlaichean a tha a-nise air sùil a thoirt air an làraich, dh'fhaodadh gu bheil ceangal eadar seo is Manachainn Carmelite a thathas a' smaointinn a bh' ann an Ceann a' Ghiuthsaich uaireigin ron 16mh linn.

Measgachadh

'S e buidheann den Eaglais Chaitligich a thàinig a Bhreatainn an toiseach san 13mh linn a th' ann an Òrdugh Carmelite.

Dh'innis an t-àrc-eòlaiche Steafan Birch bhon bhuidhinn Seirbheisan Àrc-eòlais a' Chosta an Iar gun deach "measgachadh mòr" de chnàmhan a lorg aig an làraich ann an Ceann a' Ghiuthsaich.

Às dèidh sgrùdaidh air na cnàmhan, thèid an cumail sa chladh eachdraidheil ann an Ceann a' Ghiuthsaich.

Thuirt fear-gairm Comhairle na Gàidhealtachd, Bill Lobban, gur e stòiridh inntinneach dha-rìribh a tha seo a chuireas gu mòr ri eachdraidh Chinn a' Ghiuthsaich.

Thèid aithisg a chur ri chèile nuair a tha an sgrùdadh air na cnàmhan ullamh.

Nochdaidh am fiosrachadh an seo.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile