Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

7 An Dùbhlachd 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Brexit

Tha cuid de bhuill-phàrlamaid a-nise ag iarraidh aonta ris an canar 'Norway Plus' ma 's e agus gun caill Theresa May a' bhòt air a' phlana aice airson Brexit ann an Taigh nan Cumantan Dimàirt. Ach tha feadhainn ag ràdh gum biodh an t-aonta sin, far am biodh Breatainn fhathast ann an aonadh cusbainn agus anns a' mhargaidh shingilte ach taobh a-muigh Poileasaidh Coitcheann an Àiteachais agus an Iasgaich, a' fàgail Bhreatainn mar dhùthaich a bhiodh fhathast a' gabhail ri riaghailtean an EU. Bidh ministearan an Riaghaltais a' siubhail air feadh Bhreatainn an-diugh a dh'fheuchainn ri taic a thrusadh do dh'aonta Bhrexit Theresa May ron bhòt a tha sin Dimàirt seo tighinn

Tha Seansalair nan Làbarach, John McDonnell, ann an Alba an-diugh 's esan a' gealltainn gun tilleadh Riaghaltas Làbarach tuilleadh chumhachd à Lunnainn gu ruige Alba.

UKIP

Tha ceannard UKIP ann an Alba, Dàibhidh Coburn, agus Pòl Nuttall, a bha na cheannard gu nàiseanta, air fàgail agus iad ag ràdh gu bheil dragh orra mun t-slighe air a bheil UKIP. Thuirt Mgr Coburn gu bheil nàiseantaich Shasannach air feadh a' phàrtaidh agus nach eil dad nam beachd ach gràin an aghaidh Islam. Thuirt Mgr Nuttall gur e mearachd a bh' ann Tommy Robinson, fear-iomairt bhon fhìor làimhe dheis, fhastadh mar chomhairliche dhan phàrtaidh.

CMAL

Tha Ferguson Marine, a' chompanaidh a tha a' togail shoithichean, ag ràdh gu bheil iad a' bruidhinn ri luchd-lagh feuch am faigh iad airgead ais bho CMAL. 'S iad CMAL a tha a' ceannach bhàtaichean aiseig 's gan toirt air màl do Chaledonian Mac a' Bhriuthainn. Ach tha connspaid ann mun dà bhàta a tha Ferguson a' togail an-dràsta agus e coltach gu bheil cosgaisean air èirigh gu mòr.

Sealainn Nuadh

Chaidh athair tè òig à Essex gu ruige Sealainn Nuadh a chuideachadh na poilis an sin a tha a' coimhead air a son. Tha Dàibhidh Millane air a dhol gu ruige Auckland. Tha poilis ann an Auckland ag ràdh gur ann oidhche Shathairne a chaidh Grace Millane, a tha 23, fhaicinn mu dheireadh còmhla ri companach fireann ann an taigh-òsta.

Tubaist

Tha poilis air a' Ghàidhealtachd ag iarraidh fiosrachaidh an dèidh bàs boireannaich a chaidh a marbhadh nuair a bhuail càr innte air an rathad faisg air Baile Màiri ann an Siorrachd Rois an-raoir. 'S e càr geal Renault Clio a bh' anns an tubaist a thachair air an A835 faisg air Drochaid Sguideil dìreach beagan an ear air Baile Màiri mu 10 uairean an-raoir.