Iarrtas 'son dìon nas fheàrr air caoraich bho choin

Caoraich Image copyright Getty Images
Image caption Chosg ionnsaighean air stoc £1.6m do dh'eaconamaidh dùthchail na Rìoghachd Aonaichte an-uiridh a-mhàin agus tha tuathanaich ag ràdh gu bheil e a' fàs nas cumanta.

Tha ball-pàrlamaid ann an Holyrood air iomairt a chur air chois airson an lagh a neartachadh gus dìon nas fheàrr a chur air caoraich bho ionnsaighean le coin.

Cumaidh am ball-pàrlamaid Emma Harper, a tha a' riochdachadh cheann a deas na h-Alba, còmhraidhean Dihaoine le tuathanach a dh'fhulaing gu mòr às dèidh do choin a dhol am measg nan caorach aige.

Chosg ionnsaighean air stoc £1.6m do dh'eaconamaidh dùthchail na Rìoghachd Aonaichte an-uiridh a-mhàin agus tha tuathanaich ag ràdh gu bheil e a' fàs nas cumanta.

Tha am ball nàiseantach airson ceann a deas na h-Alba airson an trioblaid a thoirt gu aire dhaoine.

Chaill an tuathanach ris am bi Emma Harper a' coinneachadh 11 caoraich ri linn ionnsaigh le cù.

Bruidhinnidh i ri na Poilis agus ri buidhnean dìon bheathaichean mu dheidhinn a' phlana aice bile a chur tron phàrlamaid.

Thathar a' moladh gun deadh peanasan nas cruaidhe a chur air daoine aig a bheil coin a tha a' toirt ionnsaigh air stoc.