ICT ann an Siorrachd Adhair

Aaron Doran Image copyright SNS
Image caption Aaron Doran le tadhal an aghaidh Edinburgh City Dimàirt.

Bidh Caley Thistle ag amas air a' bheàrn eadar iad fhèin is Ayr United aig mullach an Championship a ghearradh nuair a thèid iad gu Pàirce Somerset oidhche Haoine.

Tha sgioba Iain MhicColla air iongnadh a chur air a h-uile duine le cho math 's tha iad a' dèanamh aig an ìre seo is iad dìreach air tighinn suas bho Lìog 1.

Cha do chaill an sgioba gin de na seachd geamaichean mu dheireadh aca is sheall iad na comasan aca air BBC Alba an t-seachdain seo chaidh le droinneadh 5-0 a thoirt air Dundee United aig Tannadice.

Thàinig ceithir de na tadhail sin bho Lawrence Shankland is am fear-aghaidh air 26 tadhail a chur ann an 23 geamaichean.

Figearan iongantach aig ìre sam bith, ach gu h-àraid bho chluicheadair a bha Obar Dheathain air a leigeil air falbh is nach do rinn cus air iasad aig St Mirren is Morton mus tug MacColla a Shiorrachd Adhair e ann an 2017.

'S e glè bheag de dh'farpais a bh' aig MacColla an uairsin ach chan e sin e a-nise is clubaichean gu leòr airson Shankland a thàladh air falbh.

Bidh Caley Thistle mothachail ge-tà nach e Shankland a-mhàin as coireach airson adhartas Ayr United.

Image copyright SNS
Image caption Sealladh nach bi ICT airson faicinn Dihaoine, tadhal eile airson Lawrence Shankland.

Tha sgioba làidir timcheall air le measgachadh math de eòlas is òigridh, is gu dearbh seann sionnach ann am Mìcheal Moffat còmhla ris aig an aghaidh.

Aig a' chùl cuideachd chan eil Ayr United ach air dusan tadhal a chall thuige seo.

'S beag an t-iongnadh gu bheil dùil aig manaidsear ICT, Iain Robasdan, ri geama doirbh aig Somerset.

"Tha a h-uile duine a-mach air Lawrence is tuigidh tu sin ach tha Ayr làidir tron sgioba air fad, 's e sgioba iomlan a th' annta an-dràsta", thuirt Robasdan.

"Thàinig iad a-steach dhan lìog is eòlas aca air geamaichean a bhuannachadh is tha iad air leantainn orra le sin", thuirt e.

Dh'fhulaing sgioba Robasdain fhèin buille an t-seachdain seo chaidh nuair a chaill iad 3-2 ris an Eaglais Bhric, a' chiad turas a chaill iad san lìog bhon Mhàrt.

Thàinig freagairt làidir le pronnadh 6-1 air Edinburgh City ann an Cupa na h-Alba.

Image copyright SNS
Image caption Chrìochnaich County is QoS co-ionnan aig Palmerston san t-Sultain.

Thuirt Robasdan gu bheil e an dòchas gun dèan na tadhail ud feum dhan sgioba is thuirt e gu bheil e air iarraidh air an luchd-aghaidh aca cumail orra.

Dh'innis e cuideachd gun dèan e ùrachadh air an sgioba 'son a' gheama oidhche Haoine is gun till Sean Welsh dhan bhuidhinn.

Bidh nàbaidhean ICT, Ross County, a' cumail sùil air a' gheama agus an dòchas, 's dòcha, gun dèan Inbhir Nis fàbhar dhaibh.

Ma leigeas Ayr United dad às, bidh an doras fosgailte dha na Staggies a dhol gu mullach na lìge Disathairne.

Thig Queen of the South a dh'Inbhir Pheofharain is County ag amas air Steafan Dobbie, a th' air barrachd thadhail a chur na fiù 's Lawrence Shankland, a chumail sàmhach.

Tha dùil gum bi County às aonais Brian Ghreumaich, Callum Morris is Iain Vigurs.

Thuirt co-mhanaidsear Chounty, Stiùbhart Kettlewell, gu bheil e air a mhisneachadh leis an tadhal anmoch a chuir iad ann an Alloa an t-seachdain seo chaidh, is e ag ràdh gun do sheall sin an spiorad a th' anns an sgioba.