Beachdan gu leòr air an NHS an Gallaibh

Luchd-iomairt
Image caption Luchd-iomairt à Gallaibh a' togail fianais aig coinneimh de NHS na Gàidhealtachd.

Tha còrr 's 2000 duine air am beachdan a chur air adhart ann an co-chomhairle air an dòigh as fheàrr seirbheis slàinte sheasmhach a thoirt seachad ann an Gallaibh.

Tha connspaid air a bhith a' cuairteachadh sheirbheis na slàinte san sgìre bho chionn ùine.

Nochd mì-thoileachas an toiseach is seirbheisean màthaireil air an lùghdachadh, is a' mhòr-chuid de bhoireannaich an Gallaibh a tha an dùil ri leanabh a-nise a' dol a dh'Inbhir Nis.

Tha dragh air daoine cuideachd gun tig crìonadh air an àireimh leapanan ann an Gallaibh agus iomagain ann gun tèid co-dhiù aon ospadal a dhùnadh.

An-uiridh, thog còrr is 2000 duine fianais ann an Inbhir Theòrsa agus Inbhir Ùige agus iad ag ràdh nach robh earbsa sam bith aca ann am Bòrd-Slàinte na Gàidhealtachd.

Farsaing

Às dèidh sin, gheall am bòrd-slàinte gun rachadh co-chomhairle phoblach a dhèanamh air an dòigh as fheàrr seirbheis slàinte a thoirt seachad.

Tha iad den bheachd a-nise gun do rinn iad a' cho-chomhairle a b'fharsainge a-riamh a rinn buidheann phoblach ann an Alba.

Dh'innis iad gun do chuir còrr 's 2000 duine fios gan ionnsaigh bho thòisich an gnothach san Lùnastal is gun robh 100 coinneamh phoblach ann.

Thuirt manaidsear an NHS ann an Cataibh is Gallaibh gum feum iad a-nise aithisg ullachadh stèidhichte air an fhiosrachadh a fhuair iad bhon t-sluagh.

Dh'innis Michelle NicIain gum bi e an urra ri buill a' bhùird-shlàinte co-dhùnadh deireanach a dhèanamh air an t-seòrsa seirbheis a bhios ann san àm ri teachd.

Coinnichidh bòrd NHS na Gàidhealtachd air an 29mh den Fhaoilleach 2019 gus meòrachadh air an ath-cheum.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile