Pàillean Shrath Pheofhair leis a' choimhearsnachd?

Pàillean Shrath Pheofhair Image copyright Mike Pennington/Geograph
Image caption Tha am pàillean ga chleachdadh airson bainnsean, cuirmean 's eile

Tha buidheann ionadail air maoineachadh fhaighinn bho Stòras an Fhearainn gus rannsachadh an fhiach dhan choimhearsnachd Pàillean Shrath Pheofhair a ghabhail thairis.

Chaidh am pàillean a thogail ann an 1881 's e ga chleachdadh an toiseach mar spa.

'S ann le Urras Togalaichean Eachdraidheil na h-Alba a tha e an-diugh, 's e ga ruith leis a' bhuidhinn High Life na Gàidhealtachd.

Thathas ga chur gu feum airson bainnsean, cuirmean 's eile.

Tha dùil gun tèid tagradh oifigeil a chur a-steach an ath-bhliadhna airson am pàillean a ghabhail thairis, ma chuireas an rannsachadh taic ris a' bheachd sin.