Duais eile do Christie

Ryan Christie Image copyright SNS
Image caption Ryan Christie le tadhal eile oidhche Chiadain.

Chaidh Ryan Christie ainmeachadh mar chluicheadair na mìos sa Phrìomh Lìog 'son na Samhna.

Bha mìos air leth aig a' bhalach à Inbhir Nis is e a' cluich còig geamaichean 'son Celtic is a dhà 'son Alba.

Cha do chaill Celtic is Alba gin de na geamaichean sin.

Tha Christie air leantainn air san Dùbhlachd leis an tadhal a bhuannaich Cupa na Lìge 'son Celtic is tadhal eile an aghaidh Thobar na Màthar an t-seachdain seo.

Eagal

Uile gu lèir, tha e air sia tadhail a chur anns na naoi geamaichean mu dheireadh aige 'son Celtic.

Thòisich Christie le Caley Thistle mus do ghluais e gu Celtic ann an 2015.

Thill Christie a dh'Inbhir Nis air iasad is bha e an uairsin còmhla ri Obar Dheathain air iasad dà thuras.

Thuirt Christie gun robh an t-eagal air mus do bhrist e a-steach a sgioba Celtic san Dàmhair gum biodh aige ris a' chluba fhàgail aig deireadh an t-seusain.