Deugaire a bhàsaich air ainmeachadh

Connor Cook Image copyright Teaghlach Connor Cook

Dh'ainmich na Poilis deugaire a chaidh a mharbhadh ann an tubaist-rathaid ann an Gallaibh Disathairne.

Bha Seumas Cook, a bha aithnichte mar Connor, 19, agus b' ann às a' Bhlàran Odhar ann an Dùthaich MhicAoidh a bha e.

Cha robh duine eile anns a' chàr còmhla ri Connor Cook nuair a chaidh am Ford Fiesta aige far rathaid neo-chlàraichte aig Hill of Forss faisg air Sgrabsdal.

Cha robh carbad sam bith eile anns an tubaist, a thachair timcheall air 11:00m oidhche Shathairne.

Chuir teaghlach Chonnoir brath a-mach Diardaoin ag ràdh gu bheil iad a' caoidh mic agus bhràthair ghràdhaich.

Bha e cuideachd, thuirt iad, na charaid aig iomadh duine ann an Gallaibh agus an Dùthaich MhicAoidh.

Thuirt Poileas Alba gu bheil an smuaintean le a theaghlach 's a charaidean.

Tha iad ag iarraidh cluinntinn bho dhuine sam bith aig a bheil fiosrachadh mun tubaist.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile