Steve nan Speuran Dorcha

Meet Steve Image copyright Casey Mac an t-Saoir

Bhuannaich fear a tha a' fuireach ann am Beàrnaraigh na Hearadh farpais a tha na pàirt de dh'fhèis ùr reul-eòlais anns na h-Eileanan an Iar.

Bidh Fèis nan Speuran Dorcha ann 'son a' chiad uair ann an Leòdhas tràth sa bhliadhna ùir.

Chaidh farpais dhealbhan a chur air adhart mar phàirt den fhèis is 's e Casey Mac an t-Saoir, a tha a' fuireach ann am Beàrnaraigh na Hearadh, a bhuannaich.

'S e 'Meet Steve' a th' air an dealbh aige is tha e a' sealltainn rud air a bheil 'Strong Thermal Emission Velocity Enhancement', no Steve, air cùl seann eaglais Telford ann am Beàrnaraigh.

Bidh an gnothach a' nochdadh nuair a bhios na Fir Chlis ann.

Fèis

Tha feadhainn le ùidh ann an reul-eòlas air a bhith a' feuchainn ri tuigse nas fheàrr fhaighinn den ghnothach, is tha Nasa air taic a chur ri pròiseict a tha ag iarraidh air daoine innse nuair a tha iad air fhaicinn.

Bidh Fèis nan Speuran Dorcha ann eadar an 8mh is an 21mh den Ghearran.

A bharrachd air òraidean, fiolmaichean is ceòl, bidh cothrom ann coimhead air na speuran bho Thursachan Chalanais agus Gob a' Ghallain.

Thathas an dòchas gun tarraing an fhèis barrachd dhaoine dha na h-Eileanan an Iar aig àm nuair nach eil an sgìre cho trang le luchd-turais.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile