Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

6 An Dùbhlachd 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Brexit

Thuirt Theresa May gu bheil i a' bruidhinn ri a caraidean mun dragh a th' orra mu chrìoch Èireann a Tuath mus bi a' bhòt air aonta Bhrexit ann an Taigh nan Cumantan an ath-sheachdain. Thuirt am Prìomhaire gum faodadh facal a bhith aig a' Phàrlamaid ann an leudachadh na h-ùine eadar-amail - air neo am "backstop" mar a theirear ris - a chur an sàs. 'S e a' bhuaidh a dh'fhaodadh a bhith aig aonta Bhrexit air an eaconomaidh a bhios Taigh nan Cumantan a' deasbad an-diugh.

O2

Thuirt an lìonra fòn-làimhe O2 gu bheil iad duilich airson trioblaidean an-diugh a th' air luchd-cleachdaidh fhàgail gun seirbheis. Thuirt iad gu bheil luchd-einnsinnìridh a' dèanamh an dìcheill an lìonra a chàradh 's e coltach gur e bathair-bog a bhuineas dhan chompanaidh theicneòlais Erikson as coireach.

Port-Adhair Steòrnabhaigh

Tha Cùirt an Fhearainn ann an Steòrnabhagh an-diugh a' gabhail fianais mu chòrr is 200 hectare de thalamh aig Port-Adhair Steòrnabhaigh. Tha Puirt-Adhair na Gàidhealtachd 's nan Eilean ag iarraidh an talamh a thoirt do luchd-leasachaidh a th' airson 90 taigh a thogail. Ach tha croitearan Mhealaboist agus Bhràigh na h-Aoidhe ag ràdh nach deach an talamh riamh a thoirt a-mach à croitearachd.

Dreidseadh Mì-laghail

Dhearbh Marine Scotland gu bheil iad a' rannsachadh aithrisean air dreidseadh mì-laghail airson chreachann ann an sgìre ghlèidhte ann an Linne Latharna. Tha dàibhearan ag ràdh gun do chlàr iad bàta ann an sgìre far a bheil casg air an iasgach sin, agus gu bheil dealbhan aca de na làraichean a dh'fhàg sin air grunnd na mara.

Taigh-Spadaidh Steòrnabhaigh

Thuirt Comhairle nan Eilean Siar gun toir iad sùil eile air taigh-spadaidh ùr a thogail ann an Steòrnabhagh, ach gu bheil e a' crochadh gu mòr air airgead bho Aonta nan Eilean. Bha plana ann airson an goireas a th' ann a dhùnadh, an làrach a reic 's taigh-spadaidh ùr a thogail an àiteigin eile. Ghearain croitearan air sin ge-tà, 's tha a' Chomhairle ag ràdh nach tèid iad air adhart le sin an-dràsta.

Seumas Cook

Dh'ainmich poilis an deugaire a chaill a bheatha ann an tubaist chàir faisg air Inbhir Theòrsa oidhche Shathairne. Bhuineadh Seumas Cook, a bha 19 bliadhna de dh'aois, dhan Bhlàran Odhair, ann an Cataibh.