Dreidseadh ga rannsachadh

Grunnd na mara Image copyright David Ainsley
Image caption Thog daibhearan dealbhan de ghrunnd na mara is iad ag ràdh gun robh dreidseadh mì-laghail air a bhith ann.

Dhearbh Marine Scotland gu bheil iad a' rannsachadh aithrisean gu bheill dreidseadh mì-laghail airson chreachann air a bhith a' dol air adhart ann an sgìre mhara ann an Earra-Ghàidheal a th' air a dìon.

Tha luchd-glèidhteachais ag ràdh gun do chlàr iad bàta "amharasach" ann an Linne Latharna agus gu bheil dealbhan aca de na làraichean a tha iad ag ràdh a chaidh fhàgail air grunnd na mara.

Tha dreidseadh air a chasg anns an SAC seo.

Thug an luchd-glèidhteachais am fiosrachadh gu Marine Scotland, a tha a-nise ga sgrùdadh.

Stad

Chaidh am fiosrachadh a shealltainn gu muinntir na sgìre aig coinneimh oidhche Chiadain.

Tha an luchd-glèidhteachais cuideachd ag ràdh gu bheil iad ag iarraidh sgrùdaidh oifigeil air comasan Marine Scotland sgìrean glèidhte aig muir a chur an sàs.

Tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh gu bheil iad gu tur an aghaidh dreidsidh mhì-laghail, is gu bheil iad ag obair gus stad a chur air.

Thuirt iad gu bheil siostaman ùra 'son bàtaichean a leantainn gus tighinn a-steach ann an 2019 is 2020.