Taigh-spadaidh ùr ga dheasbad

Taigh-spadaidh Steòrnabhaigh

Thuirt Comhairle nan Eilean Siar gun toir iad sùil eile air taigh-spadaidh ùr a thogail ann an Steòrnabhagh, ach dìreach ma gheibh iad airgead a bharrachd bho Aonta nan Eilean.

Bha connspaid ann na bu tràithe am-bliadhna nuair a thàinig e am bàrr gun robh plana ann an làrach a th' ann a reic ri luchd-leasachaidh, is taigh-spadaidh ùr a thogail ann an àiteigin eile.

Chaidh croitearan air an casan is dragh orra gun rachadh an goireas a chall gu tur.

Thuirt iad nach bu chòir do Chomhairle nan Eilean Siar Taigh-spadaidh Steòrnabhaigh a reic gun ro-innleachd chinnteach airson taigh-spadaidh ùir.

Air a' cheann thall, chaidh na planaichean a leigeil às.

Ach le còmhraidhean a' dol mu Aonta nan Eilean 's dòchas ann gun toireadh e airgead mòr a-steach dha na h-Eileanan Siar, Arcaibh agus Sealtainn, tha deasbad an taigh-spadaidh air tòiseachadh às ùr.

Fàilte

Tha a' Chomhairle ag ràdh gum biodh feum air airgead bhon stòras sin ma tha taigh-spadaidh ùr gu bhith ann.

Tha an Comh. Iain A. MacÌomhair am measg na tha ag ràdh gu bheil goireas mar seo riatanach anns na h-eileanan, agus gum feumadh taigh-spadaidh ùr a bhith fosgailte mus dùineadh am fear a th' ann.

Thuirt e gun cuireadh e fàilte mhòr air goireas ùr.

"Chan urrainn dhuinn a bhith a' fuireach anns na seann bhliadhnaichean mar a bha iad uaireigin", thuirt an Comh. MacÌomhair.

"Thug sinn fada gu leòr le seann taigh-spadaidh nach robh freagarrach agus abair gun robh sinn toilichte nuair a chaidh am fear ùr seo a thogail.

"Nan dèanadh tu fear eile a-nise bhiodh e na b' fheàrr a-rithist, bhiodh tòrr teicneòlais ann nach eil aca an-dràsta.

"Chan eil diofar leamsa càite am biodh e, fhad 's a bhios e ùr agus an-àirde agus ag obair mus dùin iad am fear a th' againn an-dràsta", thuirt e.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile