Tagradh ùr a thaobh Jade McGrath

Jade McGrath Image copyright Police Scotland
Image caption Jade McGrath went missing last week

Rinn na Poilis tagradh ùr airson fiosrachaidh mu dheugaire às an Aghaidh Mhòir a tha air a bhith a dhìth còrr is seachdain.

Chunnacas Jade McGrath, 19, mu dheireadh ann an sgìre na Leacainn ann an Inbhir Nis Diciadain seo chaidh.

Tha iomairt fharsaing air a bhith a' dol anns na làithichean mu dheireadh feuch a lorg, le taic bho heileacoptair nam maor-cladaich, sgiobaidhean teasairginn nam beann, is coin nam Poileas.

Thuirt na Poils gu bheil iad den bheachd nach robh airgead no fòn-làimhe aig Jade nuair a chaidh a faicinn mu dheireadh is gur dòcha gum biodh i air a bhith troimhe-chèile.

"Tha sinn iomagaineach dha-rìribh mu Jade is gu h-àraid leis cho fuar 's a tha an aimsir air a bhith bho chionn ghoirid", thuirt an Inspeactor Seumas Rice bho Phoileas Alba.

Taic

"Tha sinn an dòchas gu bheil i a' fuireach còmhla ri cuideigin no gun d'fhuair i fasgadh ann an àiteigin.

"Tha sinn ag iarraidh air daoine coimhead ann an seadaichean is bothain, àite sam bith far am faodadh cuideigin a bhith a' falach", thuirt e.

Tha Jade McGrath còig troighean 's dà òirleach de dh'àirde, 's i caol le gruag fhada bhàn.

Bha seacaid parka uaine oirre, briogais dhubh agus brògan geal nuair a chunnacas mu dheireadh i.

Tha tatù le ìomhaigh bho Alice in Wonderland air a gàirdean, agus tatù daoimein air a làimh.

Thathas ag iarraidh air duine sam bith aig a bheil fiosrachadh fònadh gu Poileas Alba air an àireamh fòn 101.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile