Cead 20 flat an Drochaid an Aonachain

Drochaid an Aonachain Image copyright Geograph - Shaun Ferguson
Image caption Tha mu 1000 duine a' feitheamh taigh anns an sgìre timcheall air Drochaid an Aonachain.

Chaidh cead a thoirt seachad airson 20 flat ùr a thogail ann an Drochaid an Aonachain ann an Loch Abar.

Tha mu 1000 duine a' feitheamh taigh anns an sgìre agus chaidh fàilte mhòr a chur air an naidheachd.

Thuirt comhairle coimhearsnachd na sgìre gu bheil feum air a bhith air taigheadais air prìs resuanta thar iomadach bliadhna.

Tha dragh ann ge-tà mun bhuaidh a bheir an togalach, anns am bi trì làr, air siostam an uisge agus goireasan sa bhaile - leithid a' bhun-sgoil.

Nas beòthaile

Ach thuirt fear de chomhairlichean na sgìre, Ben MacThomais, gum bi seo gu seo air leth feumail do theaghlaichean òga.

"Tha mi a' smaointinn gun dèan e diofar mòr, teaghlaichean òga le cloinn a' tighinn a-steach dhan bhaile, nì e an t-àite tòrr nas beòthaile.

"Tha fear de na rudan mun leasachadh air leth cudromach, sin gu bheil an luchd-leasachaidh a' cur airgead mu choinneamh ghoireasan anns a' bhun-sgoil.

"Tha sin gu math cumanta ach 's e airgead an ìre mhath mòr a tha seo 'son gach taigh a thèid a chur a dh'ionnsaigh ghoireasan sgoile."

Tha uallach air an luchd-leasachaidh cuideachd raon-cluiche a stèidheachadh agus piseach a thoirt air rathaidean faisg air an làraich.