Croitearan is HIAL sa chùirt

Port-Adhair Steòrnabhaigh Image copyright Stephen Branley/Geograph

Gabhaidh Cùirt an Fhearainn fianais ann an Steòrnabhagh Diardaoin anns a' bhuaireadh eadar Puirt-Adhair na Gàidhealtachd 's nan Eilean (HIAL) agus croitearan mu fhearann aig Port-Adhair Steòrnabhaigh.

Tha HIAL airson dearbhadh nach eil còirichean croiteareachd a' buntainn ri còrr air 200 heactair timcheall air a' phort-adhair.

Tha iad airson an talamh a reic ri companaidh togail a tha airson 90 taighean a thogail.

A rèir HIAL, nì taighean ùra feum mòr.

'S iad croitearan Mhealaboist is Bhràigh na h-Aoidhe a tha a' cur an aghaidh nam planaichean is iad a' cumail a-mach nach deach an talamh seo a-riamh a thoirt a-mach à croitearachd.

'S ann timcheall air mar a chaidh an talamh a chleachdadh airson aerodrome aig àm an Dàrna Cogaidh a tha an argamaid stèidhichte.

Litir

Tha HIAL ag ràdh gur e reachdas èiginneach cogaidh a chleachd an MoD airson an talamh ionaltraidh fhaighinn airson an aerodrome a leudachadh is gun do ghabh na croitearan ri seo, agus gun d' fhuair iad lùghdachadh ann am màl mar dhìoladh airson na talmhainn a chaill iad.

A rèir HIAL, chuir an t-aonta seo às do chòirichean croitearachd.

Tha croitearan Mhealaboist is Bhràigh na h-Aoidhe ag ràdh gu bheil litir aca bho bho rùnaire stàid dìon a tha a' dearbhadh na h-argamaid acasan.

Tha iad ag ràdh nach b' e reachdas èiginneach cogaidh a chaidh a chur an gnìomh bho thùs, ach aonta prìobhaideach eadar an MoD agus Urras Steòrnabhaigh.

Tha iad a' cumail a-mach cuideachd gu bheil an talamh fhathast ga chleachdadh airson ionaltraidh agus gum bu chòir do Chùirt an Fhearainn an tagradh aig HIAL a dhiùltadh, 's dearbhadh gu bheil còirichean croitearachd fhathast a' buntainn don talamh.

Beachdaichidh Cùirt an Fhearainn air a' chùis ann an Steòrnabhagh Diardaoin, agus Dihaoine ma tha feum air barrachd ùine.