Àrdachadh dhaoine òga air a' Ghàidhealtachd
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Àrdachadh dhaoine òga air a' Ghàidhealtachd46453218

5 An Dùbhlachd 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Thàinig àrdachadh 10% air an àireimh de dhaoine òga a tha airson a bhith a' fuireach 's ag obair air a' Ghàidhealtachd 's anns na h-Eileanan.

Fhuair rannsachadh a chaidh a dhèanamh am measg 3000 neach eadar 15 agus 30 bliadhna a dh'aois gu bheil barrachd òigridh an dùil gum fuirich iad san sgìre, agus gu bheil nas lugha a' fàgail nuair a tha iad deiseil san sgoil.

Tha e coltach gur e cothroman foghlaim fear de na prìomh adhbharan airson seo.