Seirbheis bus coimhearsnachd an impis stad
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Seirbheis bhus coimhearsnachd an impis stad

5 An Dùbhlachd 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha seirbheis bhus coimhearsnachd air a' Ghàidhealtachd air innse do luchd-obrach nach bi obair ann dhaibh às dèidh na Nollaige mura tig airgead èiginn à badeigin.

Tha Connect Assynt an dòchas gun tèid aca air cumail a' dol airson beagan mhìosan le a bhith a' cleachdadh dhràibhearan saor-thoileach, ach nach eil cinnt sam bith ann dè a thachaireas san ùine fhada.