Caley Thistle troimhe

Caley Thistle Image copyright SNS
Image caption Gàirdeachas dha ICT is Aaron Doran dìreach air an tadhal mu dheireadh a chur oidhche Mhàirt.

Tha Caley Thistle sa cheathramh chuairt de Chupa na h-Alba às dèidh dhaibh pronnadh a thoirt air Edinburgh City oidhche Mhàirt.

Choinnich na sgiobaidhean ann an Inbhir Nis is iad air a bhith co-ionnan 1-1 sa chiad gheama ann an Dùn Èideann.

Chaidh Caley Thistle air thoiseach tràth Dimàirt is Tom Walsh le tadhal às dèidh dìreach còig mionaidean.

Bha coltas ann ge-tà gun robh geama doirbh eile gu bhith aig ICT is Blair Henderson a' freagairt airson Edinburgh City cha mhòr sa bhad.

Chuir tadhal bho Jordan White an uairsin Caley Thistle air thoiseach a-rithist is b' e 2-1 a bh' ann aig lethach slighe.

Greim

Ghabh Inbhir Nis smachd làidir air a' gheama san dàrna leth.

Fhuair Walsh tadhal eile (53) is dh'fhàg a dhà eile gu sgiobalta bho White (60, 61) gun robh sgioba Iain Robasdain glè chofhurtail.

Chuir Aaron Doran crìoch air cùisean le tadhal eile anns na dìogan mu dheireadh is Inbhir Nis troimhe 6-1.

Bha moladh ann cuideachd dha Ruairidh MacGriogair òg à Inbhir Nis a rinn fìor mhath às dèidh dha tighinn far na beingidh.

Bidh Inbhir Nis glè dhòchasach air an tuilleadh adhartais sa chupa is Cille Bhrìghde an Ear bho Lìog na Gàidhealtachd aca aig an taigh san ath-chuairt.

Tha dùil gum bi an geama sin ann air an 19mh den Fhaoilleach.