Leasachadh air altan-aiseig

MV Clansman Image copyright Dales Marine Services
Image caption Bidh serbheis ann fhathast do dhaoine air chois fhad 's a tha an obair ga dhèanamh

Cha bhi seirbheis aiseig chàraichean a dh'Eilean Cholla fad mìos an ath-bhliadhna, agus tachraidh an aon rud ann an Tiriodh ann an 2020.

Bha CMAL leis a bheil na cidhichean, a' cumail choinneamhan ann an Colla 's Tiriodh an t-seachdain seo 'son innse mu na planaichean aca.

Dh'innis iad gu bheil an dà alt-aiseig aosta agus a' tighinn gu deireadh na beatha obrach aca.

Tòsichidh an obair gus alt-aiseig ùr Eilean Cholla a thogail air a' mhìos seo, ach cha tòisich an obair ann an Colla fhèin gu meadhan an Dàmhair an ath-bhliadhna.

'S ann aig deireadh na mìos sin a ruigeas an obair sin ìre far nach gabh càraichean a thoirt air neo far an eilein.

Bidh seirbheis ann fhathast ge-tà, dha luchd-coiseachd agus cuideachd seirbheis bathair.

'S ann sa Mhàirt 2020 a bhios Tiriodh às aonais seirbheis aiseig.

"Obair riatanach"

Thuirt Cathraiche Comhairle Coimhearsnachd Eilean Cholla, Paula Smalley, ged nach eil a h-uile duine air an eilean toilichte mun naidheachd, gu bheil a' mhòr-chuid a' gabhail ris gum feum an obair seo a bhith air a dèanamh.

Thog i cuideachd ge-tà, air an trioblaid le gainnead àitean-parcaidh anns an Òban agus gum faodadh sin a dhol na bu mhiosa ma dh'fheumas daoine na càraichean aca fhàgail anns a' bhaile.

Gheall CMAL gun tileadh iad chun an dà eilean co-dhìu dà thuras airson coinneamhan poblach mus tòisich an obair.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile