Coinneamh shlàinte san Eilean Sgitheanach

Ospadal Phort Rìgh Image copyright Geograph/Richard Dorrell
Image caption Thuirt Sir Lewis Ritchie gu bheil e air a mhisneachadh leis an adhartas a rinnear thuige seo - ach gum feum e leantainn

Tha Cathraiche NHS na Gàidhealtachd ag ràdh gu bheil iad airson molaidhean Sir Lewis Ritchie 'son seirbheisean slàinte an Eilein Sgitheanaich, Loch Aillse 's Iar-Dheas Rois uile a chur an gnìomh, ged a tha Rùnaire na Slàinte, Jeane Freeman, ag ràdh nach eil an còrr airgid ann airson sin.

Bha Dàibhidh Alston a' bruidhinn às dèidh coinneimh aig Ospadal Phort Rìgh Dimàirt eadar an NHS, Sir Lewis Ritchie agus riochdairean na coimhearsnachd, 's sia mìosan ann bho dh'fhoillsich Sir Lewis an aithisg aige air seirbheisean slàinte na sgìre.

Bha 15 moladh anns an aithisg, leithid barrachd leapannan a bhith ann an Ospadal Phort Rìgh, dotair a bhith ann an Gleann Eilg fad na seachdain, 's ionad trèanaidh ùr slàinte anns an sgìre.

Maoineachadh

Thuirt Mgr Alston gu bheil iad an dòchas gun tèid aca air na molaidhean air fad a chur an sàs an ceann ùine, ged a tha an Riaghaltas air innse nach fhaigh iad airgead a bharrachd mun coinneimh.

Thuirt e gu bheil iad ag amas air an t-seirbheis slàinte as fheàrr as urrainn dhaibh a thoirt seachad air feadh na sgìre taobh a-staigh a' bhuidseit a th' aca.

Bheir iad sùil cuideachd, thuirt e, air dòighean maoineachaidh eile airson cuid de na rudan a mhol Sir Lewis.

Thuirt Sir Lewis Ritchie fhèin gu bheil e air a mhisneachadh leis an adhartas a chaidh a dhèanamh thuige seo ach gum feumar sin a chumail a' dol.

Chaidh ceistean a thogail aig a' choinneimh ge-tà, mun t-seirbheis air an oidhche ann an Ospadal Phort Rìgh, agus mar a dh'fheumas daoine fònadh gu NHS 24 mus tèid iad dhan ospadal.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile