Planaichean taigheadais gan deasbad

Dh'fhaodadh gun tèid 600 taigh ùr a thogail ann an Inbhir Nis agus anns a' Ghearasdan ma thèid gabhail ri planaichean ùra.

Tha a' chompanaidh Tulloch Homes airson 200 taigh a thogail ann an sgire nan Innseagan ann an Inbhir Nis, leis an Link Group am beachd 400 dachaigh a thogail ann an Achadh an Todhair Uarach.

Cha bhi aig Comataidh Dealbhachaidh a' Chinn a Deis ri co-dhùnadh a dhèanamh air na h-iarrtasan aig an ìre seo ge-tà, seach nach deach co-chomhairle phoblach a dhèanamh orra fhathast.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile