Tagradh bho theaghlach Jade McGrath

Dealbh CCTV Image copyright POILEAS ALBA
Image caption Tha Jade McGrath air a bhith a dhìth bho chionn seachdain

Rinn teaghlach Jade McGrath, a th' air a bhith a dhìth bho chionn seachdain, tagradh ùr airson fiosrachaidh.

'S ann ann an Inbhir Nis a chaidh Jade, a tha 19 bliadhna de dh'aois, fhaicinn mu dheireadh air an 28mh là den t-Samhain.

Thuirt a teaghlach gu bheil iad a' sìor fhàs nas iomagainiche mu deidhinn mar a tha an ùine a' dol seachad.

Tha Jade còig troighean 's dà oirleach de dh'àirde, le falt fada bàn.

Bha seacaid parka uaine oirre, briogais dhubh agus trainers geal nuair a chunnacas mu dheireadh i.

Tha tatù le ìomhaigh bho Alice in Wonderland air a gàirdean, agus tatù daoimein air a làimh.

Thug an teaghlach aice taing dhan fheadhainn a chuidich thuige seo anns an iomairt gus lorg fhaighinn oirre.

Thathas ag iarraidh air duine sam bith aig a bheil fiosrachadh fònadh gu Poileas Alba air an àireamh fòn 101.