An creideas coitcheann ga sgaoileadh a-mach

Inbhir Nis
Image caption Thòisich an creideas coitcheann mar sgeama pìleat ann an Inbhir Nis aig deireadh 2013.

Tha an creideas coitcheann - a thòisich ann an Inbhir Nis bho chionn còig bliadhna - a-nis air a sgaoileadh a-mach air feadh Alba.

Tha an t-sochair a' toirt còmhla sia eile a bha roimhe gam pàigheadh do dhaoine - ach tha mòran connspaid air a bhith ga cuairteachadh.

Thuirt BP Inbhir Nis, Inbhir Narann, Bhàideanaich agus Shrath Spè, Drew Hendry, gur e an dàil ann a bhith a' pàigheadh na sochair a bu mhotha a dh'adhbhraich duilgheadas dhan fheadhainn a tha ga faighinn.

Tha 9,000 duine air a' Ghàidhealtachd a' faighinn a' chreideis choitchinn, le 13,000 gu bhith air an gluasad dhan t-siostam ùr ron bhliadhna 2023.

Thuirt Ceannard Comhairle na Gàidhealtachd, Mairead Davidson, san Dàmhair gu bheil mòran air a dhol ann am fiachan taigheadais bho thòisich an creideas coitcheann anns an sgìre, agus dh'iarr i air an Riaghaltas an t-airgead sin a phàigheadh air ais dha na comhairlean.

Airgead a bharrachd

Thuirt Roinn na h-Obrach 's nam Peinnsean gu bheil iad air èisteachd ris na draghan a th' air daoine mun chreideas choitcheann, agus air £4.5bn a bharrachd a chur ris.

Thuirt iad gur e an leasachadh as motha ann an siostam nan sochairean sòisealta ann an deugachadh bhliadhnaichean.