Taighean ùra anns na h-Eileanan an Iar

Tha dùil gun tig àrdachadh mòr air na tha de thaighean gan togail anns na h-Eileanan Siar an ath-bhliadhna.

Eadar grunn dhiofar phròiseactan dha bheilear a' sireadh cead-dealbhachaidh, tha còrr is 200 dachaigh ùr anns an amharc uile gu lèir.

'S ann ann an sgìrean taobh a-muigh Steòrnabhaigh a bhios mòran de na taighean ùra.

Taighean ùra

Thèid cead-dealbhachaidh iarraidh airson 10 taigh ann am Baile Mhanaich, 8 air an Tairbeart, 10 ann am Breascleit agus 4 ann an Horgabost - sin a thuilleadh air còrr air 120 dachaigh ann am baile Steòrnabhaigh fhèin.

Thuirt Cathraiche Chomataidh an Taigheadais aig Comhairle nan Eilean Siar, Coinneach Iain MacLeòid, gur e làraich fhaighinn ann an àiteachan air an tuath glè thric an rud as duilghe.

"Ùine ghoirid air ais sgrìobh mi fhìn chun nan comataidhean baile air feadh nan eilean agus tha sinn a' faighinn freagairtean air ais - 's e an rud as duilghe ann an sgìrean iomallach 's e talamh fhaighinn anns a' chiad dol a-mach."

"Tha na riaghailtean co-cheangailte ri croitearachd, tha sin a' toirt ùine mhath 'son obrachadh troimhe agus mar as luaithe a gheibh sinn air coimhead ri talamh anns a' chiad dol a-mach 's ann as luaithe a thig sinn air adhart gum bi cothrom againn taighean a chur air".