Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

4 An Dùbhlachd 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Brexit

Tha àrd-fhear-lagha a tha a' toirt comhairle air Cùirt Cheartais na h-Eòrpa ag ràdh gum faod an Rìoghachd Aonaichte stad a chur air pròiseas Bhrexit gun chead nan dùthchannan eile a th' anns an Aonadh Eòrpach. Chan eil dleastanas air a' Chùirt Eòrpaich a-niste gabhail ris a' chomhairle sin, ach mar as trice 's e sin a nì iad.

Tha deasbad foirmeil a' tòiseachadh ann an Taigh nan Cumantan an-diugh air aonta Theresa May airson Bhrexit mus bi a' bhòt ann seachdain an-diugh. Ach mus tòisich an deasbad bidh bhòt ann air an do rinn ministearan an Riaghaltais dìmeas air a' Phàrlamaid nuair a dhiùlt iad a' chomhairle laghail gu lèir a fhuair iad air aonta Bhrexit fhoillseachadh.

Gluasad Ola

Chaidh cur às dha na planaichean connspaideach airson ola a ghluasad bho bhàta gu bàta ann an Linne Chrombaigh. Leig Port Linne Chrombaigh fhaicinn gu bheil pròiseactan eile nam beachd agus nach bi iad mar sin ag iarraidh cead airson ola a chur bho shoitheach gu soitheach. Chuir mu 100,000 duine an ainm ri athchuinge agus dragh orra mu chunnart dhan àrainneachd.

Bàs le Buaidh na Dibhe

'S e Alba an aon dùthaich anns an Rìoghachd Aonaichte far an robh gu math nas lugha de bhàs le buaidh deoch-làidir anns an linn seo. Ach tha an aithisg bho Oifis na Staitistig Nàiseanta ag ràdh gu bheil barrachd bhàis a rèir àireamh an t-sluaigh an Alba fhathast na th' ann an gin de na dùthchannan eile. Ann an 2017 bha fir an Alba a dhà uimhir cho coltach bàsachadh le buaidh na dibhe na bh' ann an Sasainn. Ach tha an àireamh bhàis le buaidh deoch-làidir an Alba air tuiteam 21% bho 2001.

An t-Eilean Sgitheanach

Bidh Sir Lewis Ritchie anns an Eilean Sgitheanach an-diugh, sia mìosan an dèidh dha sreath mholaidhean fhoillseachadh airson seirbheisean slàinte na sgìre. Tha dragh air feadhainn nach gabh na molaidhean coileanadh gun tuilleadh airgid. Ach tha Rùnaire na Slàinte, Jeane Freeman, ag ràdh nach eil an t-airgead sin ann. Tha a' choinneamh phoblach ann am Port Rìgh a' tòiseachadh aig 5:30f.

Daoine Òga

Thuirt rannsachadh do dh'Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean gun tàinig àrdachadh 10% ann an trì bliadhna air an àireamh dhaoine òga a dh'iarradh a bhith a' fuireach 's ag obair anns an sgìre. Tha e coltach cuideachd gu bheil nas lugha dhaoine òga a' fàgail na Gàidhealtachd 's nan Eilean an dèidh dhaibh an sgoil fhàgail. Chaidh bruidhinn ri còrr is 3,000 duine òg, agus thuirt còrr is leth dhiubh sin gu bheil iad an dùil a bhith a' fuireach san sgìre fhathast an ceann deich bliadhna.

Comhairle nan Leabhraichean

Bha cruinneachadh ann an Glaschu an-raoir a' comharrachadh gu bheil 50 bliadhna ann bho chaidh prìomh bhuidheann leabhraichean na Gàidhlig a stèidheachadh. Bha a' chiad choinneamh aig Comhairle nan Leabhraichean ann an Oilthigh Ghlaschu san Dùbhlachd ann an 1968, agus an-raoir chruinnich còrr is 60 duine ann an Talla Cheilbhin a chomharrachadh sin.