Eilean Bhòid san Lìog Nàiseanta

Iomain

Dhearbh Comann na Camanachd gun cluich Eilean Bhòid san Lìog Nàiseanta ann an 2019.

Tharraing na Bòdaich a-mach às an lìog goirid mus do thòisich seusan 2017 is dragh orra mun uallach a bhiodh na lùib dhaibh le siubhail am measg eile.

Bha iad air an dearbh rud a dhèanamh aig deireadh seusain 2014.

Ach às dèidh dhaibh Lìog Deas 1 a bhuannachadh am-bliadhna, tha Eilean Bhòid air co-dhùnadh feuchainn aig an irè nas àirde uair eile.

Ged a chrìochnaich Inbhir Nis aig bonn na Lìge Nàiseanta am-bliadhna, fuirichidh iad anns an lìog ann an 2019.

Gluasad

Bidh sin a' ciallachadh gum bi naoi sgiobaidhean san lìog.

Dh'innis Comann na Camanachd cuideachd gu bheil an dàrna sgioba aig Cabair Fèidh a' dol suas gu Lìog Tuath 1 còmhla ris an dàrna sgioba aig Lòbhat.

Fuirichidh Oilthigh Obar Dheathain san lìog cuideachd, a dh'aindeoin is gun do chrìochnaich iad aig a' bhonn ann an 2018.

Aig deas, tha Tatha For a' fuireach ann an Lìog 1 is Srath Chura ann an Lìog 2.

Tha dùil cuideachd gun cluich Cille Mhoire, a tharraing a-mach à Lìog Deas 1 faisg air deireadh seusain 2018, ann an Lìog Deas 2 ann an 2019.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile