Sir Lewis Ritchie san Eilean Sgitheanach

Luchd-iomairt
Image caption Bha strì ann an aghaidh phlanaichean NHS na Gàidhealtachd.

Tha Sir Lewis Ritchie san Eilean Sgitheanach Dimàirt, sia mìosan às dèidh dha molaidhean fhoillseachadh airson leasachadh a thoirt air seirbheisean slàinte an eilein, Loch Aillse agus Iar-Dheas Rois.

Chaidh Sir Lewis a chur os cionn ath-sgrùdaidh mun chùis is mì-thoileachas ann le modal ùr a bha NHS na Gàidhealtachd a' moladh.

Bha luchd-iomairt den bheachd gum biodh seirbheisean slàinte ann an ceann a tuath an eilein air an lùghdachadh fo na planaichean, is seirbheisean gu bhith air an gearradh ann am Port Rìgh is ospadal ùr dhan Eilean Sgitheanach, Loch Aillse 's Iar-Dheas Rois gu bhith air a thogail anns an Ath Leathann.

Às dèidh do Shir Lewis an aithisg aige fhoillseachadh, dh'aontaich am bòrd-slàinte gabhail ris na molaidhean aige air fad.

Ionmhas

Nam measg, tha gun tèid seirbheisean èiginneach taobh a-muigh nan uairean obrach àbhaisteach a ghlèidheadh aig Ospdal Phort Rìgh a là 's a dh'oidhche.

Chuireadh Seirbheis Charbad-Eiridinn na h-Alba is NHS 24 taic ris a' mhodal, is dh'iarr Sir Lewis gum bu chòir seirbheisean Seirbheis Charbad-Eiridinn na h-Alba a leasachadh mu choinneimh sin.

Dh'obraicheadh NHS 24 le NHS na Gàidhealtachd gus sgioba de dh'eòlaichean a stèidheachadh aig Ospadal Phort Rìgh.

Tha luchd-strì air draghan a thogail ge-tà, nach eil dòigh ann gun tèid na 15 prìomhachasan a choileanadh às aonais maoineachaidh mun coinneimh, agus Rùnaire na Slàinte, Jeane Freeman, air innse nach bi airgead a bharrachd air an son.

Bidh Sir Lewis aig coinneimh phoblaich ann an Taigh na Sgìre am Port Rìgh aig 5:30f Dimàirt.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile