Àrd oifigear ùr rè ùine do Stòras Uibhist

Brus Beveridge
Image caption 'S e Brus Beveridge, an treas duine a bhios ann an dreuchd àrd-oifigear Stòras Uibhist bhon a dh'fhàg a' chiad cheannard ann an 2016, ach cha bhi e ann ach airson 6 mìosan.

Tòisichidh àrd oifigear ùr aig Stòras Uibhist aig toiseach 2019.

'S e Brus Beveridge, an treas duine a bhios 'san dreuchd bhon a dh'fhàg a' chiad cheannard ann an 2016, ach cha bhi e ann ach airson 6 mìosan.

'S e neach-lagha a th'ann am Mgr Beveridge, a tha stèidhichte ann an Dùn Èideann, agus tha e air a bhith na Àrd-oifigear aig Comann Breatannach Saidheans Bheathaichean (BSAS).

Bha e cuideachd roimhe na cheann-suidhe air Comann Lagh na h-Alba eadar 2013-14, agus na cheannard Coimhearsnachdan Dùthchail aig Riaghaltas na h-Alba, far an robh e dèiligeadh ri gnothaichean co-cheangailte ri croitearachd, cleachdadh fearainn agus maoineachadh Eòrpach.

Misneachail

Tha duilgheadasan air a bhith aig Stòras Uibhist anns an ùine a dh' fhalbh ri linn eas-aonta am measg stiùirichean na buidhne dham buin i, agus atharrachaidhean eile anns na dreuchdan aca.

Tha Mgr Beveridge misneachail ge-tà mu na thèid aige air a' choilionadh ann an 6 mìosan.

"San t-suidheachadh seo, ma choimheadas tu ris a' cheangal eadar a' choimhearsnachd, na daoine agus am fearann, agus ris an obair air leth a chaidh a dhèanamh mar-thà: tuath-gaoithe coimhearsnachd, cala Loch Bhaghasdail - tha mi smaointinn gu bheil sreath de leasachaidhean ann a chuidicheas ann a bhith togail air na th'ann mar-thà", thuirt e.

"Ach feumaidh na daoine, a bhith aig cridhe a' ghnothaich".

Tòisichidh Mgr Beveridge san dreuchd san Fhaoilleach.