Teagamh mu bhuaidh atharrachadh sìde air aiseagan

Aiseag ann an droch shìde

Chuir cathraiche còmhdhail Chomhairle nan Eilean Siar teagamh anns na draghan a nochd a' chompanaidh aiseig ChalMac mu bhuaidh atharrachadh na sìde air na seirbhisean aca.

Thuirt Ùisdean Robasdan gur dòcha gun robhas a' togail iomagain gun adhbhar.

Bha Cal Mac air innse gu bheil atharrachadh mu thràth a' tighinn air an t-sìde agus àirde na gaoithe, agus gur dòcha gum biodh ri seirbheisean gan cur dheth ri linn sàbhailteachd nas trice san àm ri teachd.

Thuirt CalMac gu bheil na sgiobairean aca mothachail gu bheil fìor dhroch shìde a' tachairt nas trice, agus cuideachd gum mair an droch shìde a tha sin ùine nas fhaide.

Chaidh draghan a thogail cuideachd gu bheil atharrachadh sìde a' ciallachadh gu bheil a' ghaoth a' tighinn bhon àirde a tuath neo bhon àirde a deas nas tric.

Fasgadh

Tha dragh ann gum faodadh sin buaidh a thoirt air na comasan air na puirt ann an Alba a tha a' toirt fasgadh do shoithichean nuair a tha a' ghaoth a' tighinn bhon àirde an iar.

Ach thuirt cathraiche còmhdhail Chomhairle nan Eilean Siar gu bheil barrachd cumhachd anns na h-aiseagan anns an là an-diugh agus nas fhasa dhaibh tighinn a-steach do chidheachan agus sèoladh ann am fairge gu math nas miosa.

Thuirt Mgr Robastan cuideachd:"Choimheadainn seo cuideachd ann an dòigh 's gu bheil Caledonian Mac a' Bhriuthainn a' faighinn 's dòcha na leisgeulan aca deiseil na uair 's na àm air eagal 's gum bi duilgheadasan ann."

Tha seo a' tighinn aig an aon àm sa tha am Prìomh Mhinistear gu bhith aig Àrd-choinneamh nan Dùthchanan Aonaichte air atharrachadh na sìde sa Phòlainn.

Dh' fhoillsich Nicola Sturgeon £200,000 a thèid a chur ri iomairt a tha a' feuchinn ri co-obrachadh air truaileadh a bhrosnachadh eadar riaghaltasan, luchd-gnothachais, agus luchd-ionmhais.

Dh' innis Sir Daibhidh Attenborough dhan cho-labhairt Diluain gun robh atharrachadh na sìde mar an cunnart as mòtha a bh'ann do mhac-an-duine fad na mìltean de bhliadhnaichean.