Planaichean 'son gluasad ola gan leigeil seachad

Tancairean ola

Tha Ùghdarras Port Linne Chrombaigh air leigeil às na planaichean a bh' aca airson ola a bhith air a chur air bòrd soithichean mòra aig acair san linne.

Bha mòran ag iomairt an aghaidh nam planaichean connspaideach.

Tha an naidheachd a' nochdadh sa chuairt-litir às ùire aca, ach tha dùil ri tuilleadh fiosrachaidh bho ùghdarras a' phuirt Dimàirt.

Tha luchd-iomairt agus am BPA Uaineach Iain Finnie air a bhith gu tur an aghaidh nam planaichean aig an ùghdarras.

Truailleadh

Bha dragh mu thruailleadh agus mu bheathaichean mara am measg rudan eile a' togail iomagain do mhòran.

Thuirt Mgr Finnie gur e buaidh a bh' anns an naidheachd gu bheil am port air na planaichean aca a leigeil seachad ri linn iomairtean coimhearsnachd.

Bha an sgrìobhadair Iain Rankin am measg na bha a' cur taic ris an luchd-iomairt.

Chaidh athchuinge bhon luchd-iomairt Cromarty Rising a chur gu Pàrlamaid na h-Alba agus mu 100,000 duine air an ainm a chur ris.

Thuirt an t-ùghdarras gun robh iad a' legieil seachad nam planaichean air sgàth 's gun robh pròiseactan eile aca a tha nas cudromaiche dhaibh.

Thuirt labhraiche dhan ùghdarras: "Seach gu bheil pròiseactan eile dhan toir sinn prìomhachas a bharrachd, cha bhi am Port a' dol air adhart le bhith a' cur a-steach iarrtas a-rithist airson ola a ghluasad eadar soithichean."

Thuirt BPA an Eilein Duibh, Ceit Fhoirbeis: "'S e naidheachd chudromach dha-rìribh a tha seo don luchd-taghaidh agam, a bha ag iomairt gu cruaidh airson ùine fhada an aghaidh ola a bhith air a gluasad eadar soithichean air Linne Chrombaigh.

"Thug iad an teachdaireachd aca gu Pàrlamaid na h-Alba, a thuilleadh air taobh thall an t-Saoghail le athchuinge air-loidhne.

"Cha mhòr trì bliadhna bho nochd e gun robh Ùghdarras Port Linne Chrombaigh air iarrtas a chur a-steach, bidh an luchd-taghaidh agam air an dòigh nach eil iad an dùil cead iarraidh.

"Tha cuideam mòr aig guthan cuid de na coimhearsnachdan as iomallaiche an Alba, agus 's e buaidh a tha seo do mhuinntir an àite a chuir an aghaidh a' chunnairt do dh'fhiadh-bheatha na mara, don eaconomaidh ionadail agus ar cliù eadar-nàiseanta."