Taic ga tabhainn air a' Chàrn Ghorm

Rèile-beinne a' Chùirm Ghuirm Image copyright Walter Baxter/Geograph
Image caption Chaidh a' chompanaidh a bha a' ruith an ionaid ann an rianachd an t-seachdain seo chaidh an dèidh dhan rèile-beinne a bhith air a dhùnadh airson obair-càraidh.

Tha àrd-stiùiriche ionad sgìthidh Snow Factor, air iomall Ghlaschu, air a ràdh gu bheil e a' tabhainn taic a thoirt seachad ann a bhith a' cumail ionad a' Chùirn Ghuirm fosgailte san àm ri teachd.

Chaidh a' chompanaidh a bha a' ruith ionad a' Chùirn Ghuirm ann an rianachd an t-seachdain seo chaidh.

Thuirt Jamie Mac a' Ghobhainn bho Snow Factor gu bheil esan mar tha air a bhith a' bruidhinn ris an luchd-rianachd agus ri Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean, leis a bheil an t-ionad.

Tha e an-dràsta a' toirt cothrom dhan luchd-obrach a dhol a dh'obair dhasan ann an Glaschu.

Thuirt Mgr Mac a' Ghobhainn cuideachd gum biodh ùidh aige ann a bhith ag obair ann an compàirteachas ris a' bhuidhinn a tha a' moladh ionad a' Chùirn Ghuirm a ghabhail thairis don choimhearsnachd.

Tuilleadh air an sgeulachd seo