Tubaist mhairbhteach an Gallaibh

Chaill deugaire a bheatha às dèidh tubaist-rathaid ann an Gallaibh air an deireadh-sheachdain.

Bha an duine, 19, a' dràibheadh Ford Fiesta air rathad neo-chlàraichte aig Hill of Forss faisg air Sgrabstal.

Cha robh ach aona chàr san tubaist, a thachair goirid às dèidh 11:00f oidhche Shathairne.

Tha na Poilis ag iarraidh air duine sam bith a chunnaic an tubaist, no aig a bheil fiosrachadh sam bith mu deidhinn, fios a chur orra.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile