Fearghasdan toilichte le spiorad Chounty

Steafan Fearghasdan. Image copyright SNS

Rinn co-mhanaidsear Ross County, Steafan Fearghasdan, moladh air an sgioba aige às dèidh dhaibh trì puigean luachmhor fhaighinn air an deireadh-sheachdain.

Bha feasgar doirbh aig na Staggies ann an Siorrachd Chlach Mhanann is ged a bha a' mhòr-chuid de na cothroman aig County, bha coltas ann gum faigheadh Alloa puing às a' gheama.

Mu dheireadh thall ge-tà, nochd Keith Watson ann an ùine a chaidh a chur ris a' gheama le tadhal a bhuannaich na puingean 'son sgioba Inbhir Pheofharain.

"Bha sinne a' smaointinn nach tigeadh an tadhal", thuirt Fearghasdan.

"Feumaidh sinn moladh a dhèanamh air Alloa airson cho math 's a bha iad aig a' chùl, ach chum sinn a' dol is 's e ball air leth a-steach dhan bhocsa a bh' ann le Josh Mullin, is oidhirp fìor mhath bho Keith Watson airson an tadhal fhaighinn.

"Thairis air a' gheama air fad, tha mi a' smaointinn gun robh sinn airidh air", thuirt e.

Buille

Tha seo a' cumail Ross County san dàrna àite, dà phuing air cùl Ayr United.

Cluichidh iad a-nise Queen of the South ann an Inbhir Pheofharain Disathairne.

Bha droch dheireadh-seachdain aig Caley Thistle is an t-sreath fhada aca de gheamaichean gun chall a-nise ullamh.

Rinn an Eaglais Bhreac a' chùis orra 3-2 ann an Inbhir Nis, a-rithist le tadhal anns na dìogan mu dheireadh.

Dh'fhàg an tadhal ud bho Scott Harrison gun do chaill Caley Thistle geama lìge 'son a' chiad turas bhon Mhàrt.

Thuirt manaidsear ICT, Iain Robasdan, gun robh cothroman gu leòr aig an sgioba aige an geama a bhuannachadh, ach nach robh an dìon aca aig ìre.