Plana a dhìth 'son seirbheis aiseig Shlèite

MV Coir' Uisg'
Image caption Tha trioblaidean air a bhith air an t-slighe bho ghluais an MV Coruisk o chionn tri bliadhna

Coinnichidh Ball Pàrlamaid an Eilean Sgitheanaich, Loch Abair agus Bhàideanaich ann am Pàrlamaid na h-Alba, Ceit Fhoirbeis, ri Ministear nan Eilean Pòl Wheelhouse an ath sheachdain gus beachdachadh air mar a ghabhas seirbheis aiseig nas seasmhaiche a chur air an t-slighe eadar Malaig is Armadal.

Tha fèill mhòr air an t-slighe, ach tha grunn thrioblaidean air a bhith ann bhon a chaidh an soitheach an M.V Coir' Uisg' a thoirt far Linne Shlèite ann an 2015 airson a dhol air an t-seirbheis eadar an t-Òban is Muile.

"Ged a bhiodh an Coir' Uisg' ann, bhiodh trioblaid ann fhathast leis na h-àireamhan de dhaoine a tha a' siubhal air a' bhàt'-aiseig", thuirt Ceit Fhoirbeis BPA.

Thuirt i cuideachd: "Tha sinn feumach air bàt'-aiseig nas motha na an Coir' Uisg', agus sin an t-adhbhar a tha sinn feumach air plana airson an àm ri teachd - plana airson an t-samhraidh, ach plana cuideachd fad na bliadhna."