Croitearan "dubhach" mun àm ri teachd

Published

Tha croitearan mì-chinnteach mu dè tha a' dol a thachairt do ghnìomhachas an stuic air a' Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan, a-rèir rannsachaidh a rinn Caidreachas Croitearachd na h-Alba.

B' e dìreach 14% a fhreagair na ceistean aca a bha dòchasach mun àm ri teachd.

Bha 31% dubhach.

Thuirt 55% gun robh iad mì-chinnteach - bhruidhinn na daoine sin mu Bhrexit agus a' bhuaidh a dh'fhaodadh a bhith aige air prìsean agus subsadaidhean.

Bha cuid a bha misneachail ge-tà, ag ràdh gum faodadh an gnìomhachas barrachd taice fhaighinn air sgàth Bhrexit.

Cuideachd, tha croitearan anns a' chumantas air a bhith a' gearradh àireamhan stuic. Tha seo a' tachairt le crodh agus caoraich.

Bha cathraiche a' chaidreachais, Russell Mac a' Ghobhainn, ag ràdh nach eil croitearan anns a' chumantas idir sunndach an-dràsta.