Grunnd na mara 12 mìle bho thìr
- Air fhoillseachadh

Tha CnES a' lorg cead smachd a bhith aca air grunnd na mara 12 mìle a-mach bho oirthir na sgìre.
Tha iad fhèin agus ùghdarrasan ionadail eile sa cheann a tuath air litir a chur gu Buill-Phàrlamaid Ghàidhealach ann an Dùn Èideann a' moladh atharrachaidh ann am Bile Oighreachd a' Chrùin.
Thèid am bile a dheasbad aig an treas ìre ann an Holyrood Diciadain.
Tha iad cuideachd airson stòras a bhith ann far am faigheadh coimhearsnachdan buannachd à leasachadh sam bith anns na h-uisgeachan aca.
Tha Comhairle nan Eilean Siar air a bhith ag iomairt airson Oighreachd a' Chrùin ath-leasachadh leis gun robh màl air grunnd na mara mu na h-eileanan ga rèiteach gun bruidhinn riutha agus cha robh na cùmhnantan seo a' cur càil ri eaconomaidh na sgìre.
Thug iad misneachd à molaidhean Choimisein Mhic a' Ghobhainn ann an 2014 gum bu chòir an t-uallach airson làimhseachadh maoin grunnd na mara a bhith air a thoirt do dh'ùghdarrasan ionadail ma 's e sin a bu mhiann leotha.