Boireannach aig an stiùir sa Chaol
- Air fhoillseachadh

Emma Noble, a' chiad sgiobair boireann aig bàta-teasairginn a' Chaoil.
Tha sgiobair boireann aig bàta-teasairginn a' Chaoil airson a' chiad uair ann an eachdraidh an stèisein.
Tha Emma Noble air a bith na ball den sgioba airson grunn bhliadhnaichean.
Fhuair i fhèin agus ball eile, Anndra Dòmhnallach, tron mheasadh Diluain a leigeas leotha an stiùir a ghabhail.
Chuir Manadsair Obair Bàta-teasairgin a' Chaoil, Sandy Moireach, meala naidheachd orra.
"'S e là eachdraidheil a tha seo dhan stèistean againn leis gur e Emma a' chiad bhoireannach a chaidh na sgiobair on thòisich sinn bho chionn 30 bliadhna.
Tha Emma air a bhith ag obair gu saor-thoileach agus gu dìcheallach còmhla rinn airson iomadach bliadhna, agus bha e ceart gun do ghabh i an cothrom seo," thuirt e.