HIAL a' dìon co-dhunadh obraichean a ghluasad

Port-Adhair Steòrnabhaigh

Tha Companaidh Phort-Adhair na Gàidhealtachd 's nan Eilean (HIAL) a' moladh gum bi luchd-obrach an ionaid-iùil aca ann an Steòrnabhagh ag obair dà sheachdain sa mhìos ann an Inbhir Nis.

Tha HIAL airson agus gum bi na seirbheisean iùil aca air an ruith aig astar a' cleachdadh teicneòlais adhartaich bhon aon àite aig Port-Adhair Inhbir Nis.

Dhùinte na h-ionadan-iùil aig sia puirt-adhair eile ris a bheil HIAL an urra, Steòrnabhagh nam measg.

Aig coinneimh le riochdairean Comhairle nan Eilean Siar Diluain, dh'innis Àrd-Oifigear na companaidh, Inglis Lyon, gu bheil iad a' beachdachadh air luchd-obrach às na h-eileanan a bhith a' fuireach agus ag obair ann an Inbhir Nis airson cola-deug gach mìos.

Achd nan Eilean

Thuirt Cathraiche Comataidh na Còmhdhail aig Comhairle nan Eilean Siar, Ùisdean Robasdan, gun robh a' choinneamh na b' fheàrr na bha dùil aige agus gun do ghabh e misneachd às gu bheil a' chompanaidh mothachail mun bhuaidh a dh'fhaodadh a bhith aig na planaichean aca air luchd-obrach.

Thuirt Mgr Robasdan gun tuirt HIAL riutha gu bheil iad air a bhith ag obair taobh a-staigh chùmhnantan Achd nan Eilean a tha a' cur dìon air obraichean eileanach.

"Tha iad a' coimhead air cuideigin a dhèiligeas ris an luchd-obrach, agus tha dùil aca bruidhinn ri duine mu seach airson fhaighinn a-mach dè na beachdan agus dè na draghan a th' aca.

"Am fuirich iad, am falbh iad agus, mar sin, tha e ag ràdh gum faodadh rudan atharrachadh fhathast ach tha iad ag ràdh gum feum iad rudeigin a dhèanamh a thaobh cho doirbh 's a tha e luchd-obrach fhaighinn taobh a-staigh na companaidh," thuirt e.

Cùis-lagha

Rinn Mgr Lyon cuideachd dìon air co-dhùnadh HIAL cùis-lagha a thogail an aghaidh buidheann de chroitearan ann an Leòdhas a th' airson na còirichean ionaltraidh faisg air Port-Adhair Steòrnabhaigh a ghlèidheadh.

Tha HIAL airson 500 acair a reic airson leasachaidh thaigheadais.

Ach tha na croitearan ann am Mealbost agus Bràigh na h-Aoidhe ag argamaid nach deach am fearann riamh a thoirt a-mach à croitearachd.

Cnuasaichidh Cùirt an Fhearainn air a' chùis air an 6mh agus 7mh den Dùbhlachd.

Thuirt Mgr Lyon gun robh iad an dòchas gun soirbhicheadh leotha leis gur e buannachd do mhuinntir Leòdhais a bhiodh ann barrachd thaighean a bhith air an togail.