Ionad Màthaireil a' fosgladh a-rithist

Ospadal an Dr Gray Image copyright Ann Harrison/Geograph

Chuir Fear-Gairm Comataidh Slàinte Pàrlamaid na h-Alba fàilte air co-dhùnadh gus cuid de sheirbheisean mhnathan agus cloinne aig Ospadal an Dr Gray ann an Eilginn a thabhann a-rithist.

Chaidh na seirbheisean a lùghdachadh san Iuchar ri linn gainnead luchd-obrach, a' fàgail mòran bhòireannach aig an robh dùil ri pàistean a' dol a dh'Inbhir Nis no Obar Dheathain airson an leanabh a bhith aca.

Thug NHS Roinn a' Mhonaidh rabhadh seachad gum biodh greis ann mus deadh an làn-sheirbheis a stèidheachadh a-rithist.

Thuirt am BPA Làbarach Lewis Dòmhnallach gu bheil e deatamach gum bi na seirbheisean ri fhaotainn cho luath 's a ghabhas.