Sgait ann an èiginn

Sgait Image copyright Getty Images

Tha dragh air nochdadh mu na tha an dàn don sgait, agus Dualchas Nàdair na h-Alba (SNH) ag ràdh gu bheil an t-iasg ann an cunnart nas motha gun tèid iad à bith na tha am panda mòr.

Thathas ag iarraidh air iasgairean slaite mara dealbhan a thogail de sgait sam bith a ghlacas iad, 's an cur air làrach-lìn ùr shònraichte, Skatespotter.

Faodaidh an sgait fàs cho mòr ri dà mheatar (6'6") de dh'fhaid, 's 90cg (198.5LB) de chuideam.

Tha am pròiseact ag amas air èisg fa-leth aithneachadh leis na pàtrannan de spotagan a th' air an druimeannan, 's sgrùdadh a dhèanamh air far am bi iad a' falbh.

MPA

"Tha sinn a' cur Skatespotter air bhog le còrr air 1,500 dealbh de cha-mhòr 800 sgait fa-leth, a chaidh a thogail le iasgairean slaite saor-thoileach anns an Sgìre Ghlèidhte Mhara (MPA) eadar Loch Suaineart agus Diùra," thuirt Oifigear Ghnothaichean na Mara aig SNH, An Dr Jane Dodd.

"Tha àireamhan falain den iasg anns an sgìre seo, 's dh'fhàg sin gun robh e na b' fhasa dealbhan a chruinneachadh, 's tha iasgairean slaite air a bhith aig cridhe na h-iomairt gus dàta a chruinneachadh 's an sgìre ainmeachadh mar MPA.

"Ach airson tuigse a bhith againn air gluasad sgaite, 's àireamhan an èisg, tha sinn airson dealbhan fhaicinn bho iasgairean slaite air feadh na h-Alba," thuirt i.

Tha an sgait cumanta air a bhith clàraichte ann an cunnart bho 2006, ri linn cus iasgaich.

Bho 2009 tha e air a bhith mì-laghail sgait a chur air tìr air feadh a' chuid as motha den Roinn Eòrpa.

Mar sin dheth, bu chòir sgait sam bith a thèid a ghlacadh còmhla ri iasg eile a tha ceadaichte, a chur air ais dhan mhuir beò.

Chan fhaod iasgairean slaite ann an Alba an glacadh mura cuir iad air ais iad.

Tha cunnart ann fhathast don iasg ge-tà, gun tèid an glacadh 's a mharbhadh ann an lìn thràilearan agus uidheamachd eile.

Faodaidh iasgairean slaite am pròiseact a chuideachadh le bhith a' cur nan dealbhan a thogas iad an-àirde air an làraich-lìn https://skatespotter.sams.ac.uk/