Deichnear a' call an cosnaidh aig Eden Court

Taigh-Cluiche Eden Court

Dhearbh Taigh-Cluiche Eden Court ann an Inbhir Nis gun do chaill deichnear den luchd-obrach aca an cosnaidhean mar phàirt de dh'oidhirp airgead a shàbhaladh.

Tha an seo an dèidh do Chomhairle na Gàidheatachd agus Alba Chruthachail an taic-airgid a tha iad a' toirt dhan bhuidhinn a lùghdachadh £1.3m sna trì bliadhnaichean ri teachd.

Thuirt an t-àrd-oifigear, Seumas MacCoinnich Blackman, nach robh roinn chruthachail an ionaid a' dùnadh, agus gun leanadh na buidhnean dealbh-cluiche ionadail aca do dh'òigridh.

Thuirt e cuideachd nach eil na h-atharrachaidhean a' toirt buaidh air na clasaichean no na cùrsaichean aca.