Rannsachadh burraidheachd "ron Nollaig"

Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd

Dh'fhaodadh gun tèid rannsachadh neo-eisimeileach mu chasaidean de bhurraidheachd aig Bòrd-Slàinte na Gàidhealtachd a chur air chois ron Nollaig, a rèir aonaidhean air Ghàidhealtachd.

Choinnich na h-aonaidhean ri oifigich bho Riaghaltas na h-Alba gus bruidhinn mun t-suidheachadh.

Na bu thràithe den mhìos, dh'iarr dotairean air Ghàidhealtachd gun deadh rannsachadh neo-eisimeileach a chur air chois agus casaidean de bhurraidheachd aig Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd a' sìor dhol am meud.

Dh'innis na dotairean gu bheil seo a' tachairt air feadh na sgìre.

Tha iad ag ràdh gu bheil cultar burraidheachd air a bhith ann fad còrr air 10 bliadhna.

Dìon

Tha am Bòrd Slàinte a' dol às àicheadh gu bheil sin fìor.

Dh'iarr Rùnaire na Slàinte gun deadh rannsachadh neo-eisimeileach a chur air chois.

Tha na dotairean ag iarriadh gur e fear-lagha a bhios os cionn ghnothaichean,

Choinnich aonadh an GMB agus Unison ri riochdairean bho Riaghaltas na h-Alba gus bruidhinn mun chùis.

Tha na h-aonaidhean ag ràdh gun tèid fear-lagha ainmeachadh an ceann cola-deug, agus gun tòisich an rannsachadh fhèin an ath-bhlaidhna.