Seach-rathad an t-Sròim "fhathast cunnartach"

Published
image captionTha an rathad tric air a bhith dùinte, 's aig trafaig ri dràibheadh ann an conbhoidh air an loidhn-rèile a chaidh ullachadh gu sònraichte air a shon.

Dh'aidich Comhairle na Gàidhealtachd gu bheil ceithir àiteachan air an A890 - seach rathad an t-Stròim - far am faodadh creagan tuiteam air an rathad a' cur beatha dhaoine ann an cunnart.

Chaidh luach £1.3m de dh'obair a dhèanamh air a' chreig os cionn an rathaid air na trì mìosan mu dheireadh.

Bha a' Chomhairle a' mìneachadh a' chunnairt a th' ann fhathast 's iad ag innse gu bheil an obair air aghaidh na creige a' tighinn gu ceann Dihaoine.

Tha an naidheachd na briseadh dùil do Chathraiche Comhairle Coimhearsnachd Loch Carrana, Eilidh NicCalmain.

Sgoilearan

"Oh tha sinn fiadhaich dha-rìribh," thuirt i.

"Ach dè math a tha sin?

"Chan eil iad a' dèanamh dad air ar son.

"Tha na sgoilearan ann a h-uile là, 's chan eil an rathad sàbhailte.

"Chan eil leithid de rud ri "common sense" ann an-diugh. Tha iad dìreach a' cur airgid mhòir às dèidh airgid mhòir 's chan eil iad a' dèanamh feum sam bith.

"Ach tha iad ag ràdh nach eil airgead idir aca airson rathaid ùir," thuirt i.

Ath-sgrùdadh

Thuirt ceannard a' bhun-structair aig Comhairle na Gàidhealtachd, Cailean Howell, gu bheil esan a' tuigsinn gur e briseadh dùil a th' ann do dhaoine.

"Tuigidh mi carson a bhiodh dragh air daoine," thuirt e.

"Tha mi airson dearbhadh dhaibh gu bheil sinn a' dol a dhèanamh nan obraichean sin.

"Tha sinn a' dèanamh ath-sgrùdaidh air an obair-càraidh leantainnich a tha sinn a' dèanamh, 's na sgrùdaidhean a tha sinn a' dèanamh.

"Agus tha sinn cuideachd a' coimhead feuch an gabh càil eile dèanamh 'son dèiligeadh ris a' chunnart gus an dèan sinn na creagan sàbhailte.

"Tha cunnart ann gun tuit creagan, 's tha fhios glè mhath aig daoine air sin.

"'S e na tha sinne a' feuchainn ach an cunnart a tha sin a mhanairsearachd, agus na sgìrean as cudromaiche aithneachadh, 's a bhith ag amas orra sin anns an obair," thuirt e.

Tha oifigich ag ràdh gum feuch iad ri airgead a lorg airson barrachd obair-leasachaidh a dhèanamh air an rathad an ath-bhliadhna.

San eadar-ama bidh ceannard Comhairle na Gàidhealtachd, Mairead NicDhàibhidh, a' coinneachadh ri Ministear na Còmhdhail aig Riaghaltas na h-Alba a dh' aithghearr airson bruidhinn mu staid an rathaid.

Bhiodh roghainn sam bith airson fuasglaidh mhaireannaich cosgail, ach tha beachd ann gur dòcha gum bi an dearbhadh air cho cunnartach 's a tha pìosan den rathad na chuideachadh nuair a thig e gu bhith a' coiteachadh an Riaghaltais airson an airgid mhòir a dh'fheumte airson an t-slighe chudromach seo a dhèanamh sàbhailte.