Dunstaffnage
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

'Cothrom eachdraidheil' obair shaor-thoileach

19 An t-Samhain 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha Àrainneachd Eachdraidheil Alba an-dràsta a' tabhainn cothrom airson obair a dhèanamh dhaibh gu saor-thoileach.

Tha am prògram do dhaoine aig a bheil ùidh ann an cànan agus cultar na Gàidhlig, ach chan fheum an cànan a bhith aca.

Bidh e an toiseach ri fhaotainn aig Taigh Dubh Àrnoil ann an Leòdhas agus aig Caisteal Dhùn Stafhanais faisg air an Òban.