Moladh don Dtr Niall Mac a' Bhreatannaich OBE

Published
image copyrightNHS Western Isles
image captionAn Dtr Niall Mac a' Bhreatanaich OBE nach maireann.

Tha buidhnean poblach sna h-Eileanan Siar air a bhith a' dèanamh luaidh air fear a bha ag obair dhaibh fad bhliadhnaichean mòra.

Dh'fhàs e tinn bho chionn ghoirid, agus bhàsaich e ann an hospice Bhethesda ann an Steòrnabhagh.

Bha e 78 bliadhna a dh'aois.

Rugadh agus thogadh e ann am Baile Ghobhainn ann an Glaschu agus fhuair e oideachadh ann an Àrd Sgoil Bhaile Ghobhainn mus do roghnaich e foghlam mar dhreuchd.

OBE

Bha e na thidsear ann an Sgoil MhicNeacail mus deach e na Stiùiriche Foghlaim aig Comhairle nan Eilean Siar far an robh e fad 20 bliadhna.

Bha a' bhratach aig oifisean na comhairle aig leth-chrann Diluain mar urram dha.

Ann an 1995 chaidh OBE a bhuileachadh air airson na rinn e a thaobh seirbheisean foghlaim.

Thuirt fear-gairm Comhairle nan Eilean Siar, Tormod Dòmhnallach, gum biodh ionndrainn mhòr air.

"Bha Niall aithniche mar shàr eòlaiche teagaisg, a' frithealadh air coimhearsnachdan nan Eilean Siar agus cuideachd ag obair aig ìre nàiseanta agus eadar-nàiseanta.

"Chuir e seachad 50 bliadhna a' teagasg, ag obair dhan ùghdarras ionadail agus ann an seirbheis na slàinte," thuirt Mgr Dòmhnallach.

Seirbheis na Slàinte

Chaidh an Dtr Mac a' Bhreatannaich ainmeachadh mar Chathraiche Bhòrd Slàinte nan Eilean Siar ann an 2011.

Rinn e obair gu h-ionadail agus air feadh na dùthcha do Chomhairle Slàinte na h-Alba.

Thuirt Àrd Oifigear NHS nan Eilean Siar, Gòrdan Jamieson, gu robh a cho-fhaireachdain le teaghlach an Dtr Mhic a' Bhreatannaich.

"Thug e eòlas, gliocas agus onair dhan a h-uile càil a rinn sinn, agus bha spèis mhòr agam dhà," thuirt Mgr Jamieson.