Seirbheisean ospadail ann a-rithist an Eilginn
- Air fhoillseachadh

Tha barrachd sheirbheisean gan toirt air ais do dh' Ospadal an Dtr Gray ann an Eilginn.
Bha draghan ann mu ghainnead luchd-obrach ann an roinn na màthaireachd agus airson cùram chloinne.
Chaidh seirbheisean a lùghdachadh san Iuchair air sgàth 's gu robh iad ga mheas cunnartach do cuid a bhoireannaich an leanaban a bhith aca san ospadal.
Dh'fhoillsich NHS Roinn a' Mhonaidh Diluain a' cheud cheum sa phlana aca airson piseach a thoirt air seirbheisean ann am Moireibh.
Thuirt am bòrd slàinte gu bheil luchd-obrach gu leòr ann agus gu bheil e sàbhailte an t-ionad do leanaban a tha feumach air cùram sònraichte fhosgladh as ùr.
Tha uàrd na cloinne cuideachd gu bhith fosgailte fad seachd la mar a b' àbhaist.
Tha e tighinn às dèidh do cho-dhùnadh operèiseanan caesarean a dhèanamh a-rithist aig an ospadal bho chionn cealla-deug.
Ged a tha a' bhuidheann iomairt, Keep Mum, a' cur fàilte air a' phlana tha iad ag rag ràdh nach eil NHS a' Mhonaidh Ruaidh a' dèanamh gu leòr airson misneachd a thoirt dhaibh gun till làn sheirbheis le àrd dhotairean os a cionn.