"Dòchas" mu chùis Alasdair MhicUilleim

Image caption Bha Alasdair MacUilleim 30 bliadhna a dh'aois nuair a chaidh a mharbhadh aig a dhachaigh ann an Inbhir Narann

Thuirt fear a bha na phoileas aig Scotland Yard nach robh e a-riamh cho dòchasach gun tèid murtair Alasdair MhicUilleim a lorg.

Chaidh am bancair, 30 bliadhna a dh'aois, a mharbhadh le gunna air beulaibh a dhachaigh ann an Inbhir Narann anns an t-Samhain 2004.

Chleachd am murtair seann ghunna Ghearmailteach airson Alasdair MacUilleim a mharbadh às dèidh dha cèis a thoirt dha.

Chaidh a ràdh gur e duine dèanta a bh' ann agus gun robh bonaid bhileach air.

Chan fhada gus am bi 14 bliadhna ann bhon mhurt agus chan eil fhios fhathast cò a mhurt Maighstir MacUilleim no carson.

Tha an seann phoileas Peter Bleksley dìreach air leabhar a thoirt a-mach mun mhurt agus thuirt e gum bheil e an dòchas gun tòisich daoine a' bruidhinn mun chùis a-rithist air sgàth rudan a th' ann.

Bha e ag ràdh gu bheil dithis a bh' air a' phoileas agus a tha gu math eòlach air a' chùis air bruidhinn ris bho chaidh an leabhar fhoillseachadh an t-seachdain 's a chaidh agus gu bheil neach bho Bhanca na h-Alba air a thighinn air adhart le fiosrachadh.

Thuirt e gun cum e air a' rannsachadh na cùise.