Slighe oirthir an Rubha

Published
image captionThèid an t-slighe agus am balla dìon aig Eaglais na h-Aoidhe a leasachadh.

Tha obair air a' cheud earrann de cheum-choise timcheall oirthir an Rubha agus Shanndabhaig gus tòiseachadh.

Bithear a' leudachadh na slighe agus dìon na mara eadar Eaglais na h-Aoidhe agus Aignis an toiseach.

Cosgaidh am pròiseact faisg air £115,000 le dàrna leth den airgead a' tighinn bho mhaoineachadh LEADER, agus an còrr bho stòras coimhearsnachd Urras Steòrnabhaigh bho theachd a-steach Tuath Gaoithe Beinn Ghrideig.

Nuair a bhios an ceum deiseil cuiridh e 40k ri Slighe Coiseachd Innse Gall, agus tha dùil gum brosnaich an goireas ùr turasachd taobh a-muigh an t-seasain àbhaistich gun luaidh air a dhèanamh nas fhasa do luchd-còmhnaidh faighinn gu cladaichean na sgìre agus eacarsaich a ghabhail.