Fianais ùr air bitheantas tinneas Lyme an Uibhist

Published
image captionTha àireamh gu sònraichte mòr de dhaoine a' fulang an tinneis ann an Uibhist.

'S e gartain a tha a' giùlain tinneas Lyme agus tha mu mhillean duine san Aonadh Eòrpach air a bheil e.

Tha na tha de chùisean den tinneas ann an Uibhist 3,000 nas àirde na tha e ann an sgìre sam bith eile san t-saoghal.

Tha luchd-saidheans a' cumail a-mach gun d'fhuair iad fianais ùr a dh'innseas dhaibh dè bu choireadh ris an àireamh àrd seo.

'S i an Dtr Caroline Millins bho Oilthigh Ghlaschu a tha a' dèanamh an rannsachaidh air bitheantas tinneas Lyme ann an Uibhist agus ann an eileanan eile.

Uibhist

"Fhuair sinn gu bheil barrachd ghartan ann a tha a' giùlain an tinneis an coimeas ri sgìrean eile an Alba.

"Tha aon seòrsa bacteria tinneas Lyme gu sònraichte cumanta, an aon seòrsa a gheibhear gu math tric ann am mamalan beaga," thuirt i.

Rinn iad cuideachd rannsachadh a-measg an t-sluaigh tro cheisteachain airson faighinn a-mach dè na h-àiteachan as motha sa bheil gartain a' bìdeadh dhaoine, agus cò an fheadhainn as motha a th' ann an cunnart.

Tha dùil gun ionnsaichear barrachd mun tinneas agus gun tig piseach air dòighean leigheis air a shon as dèidh bhòt sa Phàrlamaid Eòrpaich.

Dh'iarr na buill-phàrlamaid gum bu chòir gum feum gach dùthaich san EU innse fon lagh ma nochdas an tinneas, agus gum bu chòir barrachd fiosrachaidh a sgaoileadh mu mar a ghabhas smachd a chumail air bho bhith a' sgapadh agus air mar a bheir daoine gartan a-mach asta.