Draghan mu sheirbheisean iùil aig tuath

Air traffic control Image copyright Getty Images

Tha companaidh Phort-adhair na Gàidhealtachd 's nan Eilean (HIAL) a' moladh gum bi seirbheisean iùil air an ruith fon aon àite.

Dh'innis iad roimhe gun deach Inbhir Nis a chomharrachadh mar an làraich as fheàrr airson ionald-iùil phlèanaichean airson seachd de na puirt-adhair aca.

Ghabhadh an t-ionad uallach airson seirbheisean-iùil aig puirt-adhair Inbhir Nis, Steòrnabhaigh, Bheinn nam Fadhla, Sumburgh, Dhùn Dè, Inbhir Ùige agus Arcaibh.

Bhiodh uidheamachd adhartach air a chur an sàs ann an tùran ann an Steòrnabhagh agus Beinn nam Fadhla a bhiodh air a ruith aig astar.

Draghan

Togaidh ceannardan Comhairle nan Eilean Siar na draghan a th' orra mu na planaichean nuair a choinnicheas iad ri oifigich HIAL Diluain.

Tha dragh air na h-aonaidhean cuideachd mu shàbhailteachd agus gun tèid obraichean a chall.

Thuirt HIAL roimhe nach robh iad den bheachd gum biodh lùghdachadh san àireamh de luchd-obrach.

Bidh iad a' cumail, thuirt iad, ri riaghailtean teann agus a' feuchainn ris an t-seirbheis a dhèanamh seasmhach.